Month: Am Màrt 2022

Cha Chaidil, Cha Chaidil

(I)Cha chaidil, cha chaidil,Cha chaidil ’s cha tàmh,Gus am faigh mi mo leannanAnn an glaicibh mo làimh.(II)‘S i seo a’ bhliadhna chuir às dhomh‘S a sgiol am falt bhàrr mo chinn,‘S a’ chuid a dh’fhan dheth air glasadh‘S a’ falbh na shad leis a’ ghaoith.(III)Nam biodh tu air mise phòsadhCha bhiodh do stòras cho gann;Bhiodh…
Read more

Òran nam Prìosanach

(I)’S ro fhad a thà mi gu tosdach sàmhach,Mu’n eilein ghràdhach so ’dh-àraich òg mi,Bho’n chaidh a Bhanruinn ’s an Diuc le chéile,Gu cur na ’h-eiginn tir reidh an eorna.(II)An t-eilein uaine tha torrach snuadhmhor,’S e ’s balla cuan dha le thonnaibh mòra;’S cho fada sìar e ri Barra ’s Ile,Làn lusan riomhach ’s e…
Read more

Òran air na Croitearan

Luinneag.Fal ó hal al ó, hal al ó haro hì,Fal ó is fal ó, hal al ó haro hì,Fal o hog i o, agus ó haro hì,Cha mhór nach bu choma leinn cogadh no sìth.(I)Bu chogadh ’bha ’m bheatha bho ’n dh’fhàg mi bhith m’ phàisd,’S gur tric a bha m’ fhallus ri frasadh gu…
Read more

Òran do Theachdairean na Banruinn

Luinneag.O seinnibh cliu nan teachdairean;Bidh reachdan math ri ’n lìnn ann,Ciad soraidh slan thar chuanntanLeis a Chomunn uasal, rioghail.(I)Ach saoghal buan do’n Bhanruinn,’Thug do’n chomunn àithne rioghal,Gu teachd do’n eilein uaigneach soAir uchd a chuain gu h-ìseal.O seinnibh cliu nan teachdairean;Bidh reachdan math ri ’n lìnn ann,Ciad soraidh slan thar chuanntanLeis a Chomunn uasal, rioghail.(II)Tìr…
Read more

Deoch-Sláinte Dhomhnaill Mhic Phàrlain

(I)Deoch-slainte Dhomhnaill Mhic Phàrlain;Is duin’ uasal, suairce, bàigheil thu;’S tha dùrachd Chlann nan Gaidheal leatA h-uile là ged dhealaich sinn.(II)’S ro lionmhor àit ’an òlar i,An tir nan gleann ’s nam mòr-bheannan,Deoch-slàint an uasail mhòralaich,’S a chuireas òr ga ’ceannach dha.(III)Is òlaidh sinn le dùrachd i’An tir an fhraoich gu dùthchasach.Bho’n ’s urram mòr do’n…
Read more

Òran Mhanitóba

(I)Gur muladach mise ’s mi ’n seo gun duin’ idir,A thogas, no thuigeas, no sheinneas leam dàn;Le dùrachd mo chridhe, soiridh slàn leis na gillean,A sheòl thar na linne gu Manitobà.(II)Bu ghrianach ar madainn nuair bha sinn nar balaich,Gun chùram, gun ghearain, gun teannachadh màil;Le ceòl is làn aigheir, cha laigheadh an smalan,Air a’ chomann…
Read more

Bean Bhochd am Manitòba

Luinneag:Horo tha mi muladach,Cha tog mi fonn, cha’n urrainn mi;‘S e càirdean caoimhneil cuireideachA chuireadh dhiom an smuairean.(I)‘S mise th’ air mo leònadh,Ann an dùthaich Mhanitòba,‘S mi ga’m chiurradh leis an lòinidh,Agus deud mo bheòil air fuasgladh.Horo tha mi muladach,Cha tog mi fonn, cha’n urrainn mi;‘S e càirdean caoimhneil cuireideachA chuireadh dhiom an smuairean.(II)Tha’m fuachd…
Read more

Chan eil Gàilig gu Bàsachadh

(I)Is latha dhòmhsa ’falbh mu’n cuairt,Gu h-uaigneach gabhail sràid,Co dh’ amais rium ach bodach gruamach,Duaichnidh am measg chàich.Bha ’fhalt na ’dhualan sios mu ghuaillean,’Mhalan fuath’sach grànd’,Is thuirt e rium le goimh is fuathGu’n d’ fhuair a Ghàilig bàs.(II)Thuirt mise ris gu grad air ais,Nach faiceadh e ri là,A Ghàilig uasal, asmhor, ghasd’A dol an glaic…
Read more

O Mo Dhùthaich

O Mo DhùthaichO Mo Dhùthaich ‘S Tu Th’ Air M’ Aire (I)O mo dhùthaich ’s tu th’ air m’ aire,Uibhist chùbhraidh ùr nan galan,Far a faighte na daoin’ uaisle,Far am bu dual do Mhac ‘ic Ailein.(II)Tìr a’ mhurain, tìr an eòrna,Tìr sam pailt a h-uile seòrsa,Far am bi na gillean òga,Gabhail òran ’s ‘g òl an…
Read more