Caidil gu Là
(I)
Se m’eudail an cùirtear dhèanadh mir’ agus sùgradh
‘Se m’eudail an cùirtear dan dùraiginn pòg.
O ho ro, i ri ri, Caidil gu là
O ho ro, i ri ri, Caidil gu là.
(II)
‘Se m’eudail am fleasgach ghabh air falbh air an fheasgar,
O, tha mi fo bhreislich ma sheasas an ceò.
O ho ro, i ri ri, Caidil gu là
O ho ro, i ri ri, Caidil gu là.
(III)
Dol a-null air an fhadhail, gun dèanainn mo roghainn,
Bhiodh càch air a dheaghaidh ‘s mo roghainn air tòs.
O ho ro, i ri ri, Caidil gu là
O ho ro, i ri ri, Caidil gu là.
(IV)
A Dhè tha sna h-àrdaibh, bi caoimhneil rim ghràdh-sa,
Cuir an eucoir gu nàire is àrdaich a’ chòir.
O ho ro, i ri ri, Caidil gu là
O ho ro, i ri ri, Caidil gu là.
Le Iain Mac Mathghamhuinn.
(Sgríobh Iain an òran so shìos sa bhliadhain 1937.)
https://clanneirigreine.com/orain-machairean-mora/