Cha Chaidil, Cha Chaidil

Cha Chaidil, Cha Chaidil

(I)
Cha chaidil, cha chaidil,
Cha chaidil ’s cha tàmh,
Gus am faigh mi mo leannan
Ann an glaicibh mo làimh.

(II)
‘S i seo a’ bhliadhna chuir às dhomh
‘S a sgiol am falt bhàrr mo chinn,
‘S a’ chuid a dh’fhan dheth air glasadh
‘S a’ falbh na shad leis a’ ghaoith.

(III)
Nam biodh tu air mise phòsadh
Cha bhiodh do stòras cho gann;
Bhiodh do chruachan coirc’ is eòrna
‘S do chrodh air mhòintich sa ghleann.

(IV)
Bha do ghruaidhean mar na caorann,
Mar shlios na faoileig air sàl –
Ach ’s mairg a-riamh a thug gaol
Do thè nach fhaodadh thoirt dha.

(V)
Chan eil nì ni bonn feum dhomh
Fon ghrèin ach aon nì –
‘S e gu faicinn mo chiad ghaol
‘S mi call mo chèile ga caoidh.

(VI)
Cha chaidil, cha chaidil,
Cha chaidil ’s cha tàmh,
Gus am faigh mi mo leannan
Ann an glaicibh mo làimh.

Le Gun Urra.

(Òran gaoil le fear mu nan Gáidheil a-muigh air nam Machairean Móra sa Ghleann Uisge Dhearg. Sgríobh so shíos sa 1897.)

https://clanneirigreine.com/orain-machairean-mora/

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach