Gleann Uachdrach ann an Apuinn Mhic Iain Stiùbhard

Gleann Uachdrach ann an Apuinn Mhic Iain Stiùbhard

(I)
Feasgair sàmhraidh 'an tùs an Og-mhios,
Gach nìth 'na àilleachd 's mi leam fhéin,
An lagan uaigneach bu lurach neòineach
'S ann labhair 'm aigne dian fonn a ghleus.

(II)
Có dha ni òran an ann do dh' òg-bhean,
Cha'n ann idir na 'm leannan gaoil,
Ach do'n gleann so 'san robh mo sheòrsa,
Och, mo thruaighe chaidh sid mar sgaoil.

(III)
Far an robh na daoine bha caoimhneil càirdeil,
E 'n-diugh na làraichean briste lom
'S cha 'n eil g'a àiteach ach caoraich bhàna,
'S an uain ri mirag air sgàth nan tom.

(IV)
Far an robh na h-àrmunn bha calma làidir,
Is nighnean òga 'sheinneadh duan,
Seann daoine còire 's mnathan bàigheil,
Bhiodh clann ri àbhachd air feadh nan bruach.

(V)
Cha 'n iognadh dhomhsa bhi tùrsach brònach,
'S nach faic mi h-aon ann, do m' chàirdean gaoil,
'S ann tha gach dùil beò, ann diugh nan fòg 'raich,
An iomadh ceàrna air feadh an t-saogh'l.

(VI)
Gu'm bheil iad lìonmhar 's na Caraliana 's
Sìol nan treun-fhear a bha 's a gleanns'
A'n Canada fíor-fhuar 's cuid 's na h-Innsean,
'S ciod e t-àite 's nach 'eil iad ann.

(VII)
Ged sheas gu dìleas an rìgh 's an dùthaich,
Gu'n deach am fuadach mar phòr gun fheum,
B' olc gu 'n bhuadhaich aig Bhattarló sinn
Gu 'm b'fheàrr fo chis aig an Franngach fhéin.

(VIII)
Cha chulaidh fharmad leum sibh uachdrain,
Tha dianadh di-meas air clann nan sàr;
Ach 's geàrr an ùine 's cha 'n fhada uaithe.
'S am faigh sibh dioladh mar till sibh tràthail.

Le Iain MacColla

(Sgríobh e 'n òran seo mu'n eadar 1815 gu 1861 b'fheudar. Bha sin an aghaidh na tighearnan talamh ann thairis nan Gàidhealtachd, ach san Albainn gu h-áiridh. Chuir e sin a-staigh leabhar Luinneag nan Gleann nuair a chuir e sin ri chéile. Bha sin ri linn Fuadaichean nan Gàidheal a-muigh as an Ghaidhealtachd le làmha Ghall 's riaghaltas Ghall le h-aghaidh tighearnan talamh Ghall 's le crodhan Ghall aca. Dh'fhàg sluaghan móra Gàidhealach a-muigh thairis na dtonnta gu Caraliana, Canada 's Àpalaid cuideachd. 'S Gàidhealtachd dearmad na h-Àpalaid gun teagamh, agus tha sin an sgéal leis nam Machairean Móra, Dùthaich Mhic a' Taoisich agus ceanntair Gàidhealach eile thairis nan domhain.)

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach