Òran mu Mhéinnean Bhictoria
Òran mu Mhéinnean Bhioctoiria
(I)
’S e cuidhle mo dhunach i,
’Ga tionndadh ’s nach urrainn mi,
Tha piob agus pump aisde,
’Ga ’m chumail gun mo bhathadh.
(II)
Di-luain ’n uair rinn mi toiseachadh,
’Se Eirionnach ’bha comhla rium;
Cha tuiginn guth dhe chomhradh,
Cha do chleachd mi ’sheorsa canain.
’Se cuidhle mo dhunadh i.
(III)
Ged fhuair mi an nasgaidh iad,
Na brogan a bh’ aig Alasdair;
Cha’n fhaiceadh tu’s am factoraidh,
Gach fasan bh’ air na sailean.
(IV)
Gu’r robh ’n te dheas is cuaig oirre,
An te chearr cha ’n i bu shuarraiche;
An car a chuir i m’ chruachan,
Bi’dh mi truadh gu la mo bhais leis.
(V)
Ged a bha mi pianail,
Fad na seachduinn ’g a mo rialadh (riaghladh) aca;
Gu ’r h-e ’n rud a liath mi,
Cur ’gam iarraidh air an t-Sabaid.
(VI)
’S mor a ghabh mi dh’ ioghnadh,
’Nuair chunnaic mi na daoine bh’ ann;
Cha b’ ionnan iad s na laoich,
A bh’ anns an tir a rinn mi fhageil.
(VII)
’S ioma latha bronach,
Bha mise ’n so gun chompanach;
A cuimhneachadh mo theaghlaich,
’Am Còbh Leathann a rinn mi ’m fagail.
(VIII)
Gu’r h-e an Còbh Leathann nan oganach, –
Bu mhath iad ’an so comhla rium; –
Ma theid mi dh’an taigh osda,
’S mi gu’n ol ann ’ur deoch slainte.
Le Somhairle Peutan
(Sgríobh Somhairle Peutan an òran seo sa Gearramh 1925. Bha sin air Ceap Breatuinn.)